Platòn

edit

File:XXXXX, text Bha Platòn (às Greugais Πλάτων "leathann") (428/427 RC - 348/347 RC) na fheallsanaiche Greugach, fhear-matataigs, sgrìobhadair cho-labhraidhean, agus stèidhiadair dhen acadamaidh anns An Àithne, a cheud stèidheachd de dh'ionnsachadh àird anns an t-saoghal siar. B'e Platòn, cuide ri thidsear, Sòcraitèas, agus a dh'oileanach, Arastotail, fear de na h-athraichean na feallsanachd siar.

Sgrìobh Platòn barrachd air fichead 's deich co-labhraidhean agus iad còmhraidhean feallsanachail eadar caractar air a stèidheachadh air Sòcraitèas agus caractaran eile, gu tric air a stèidhichte air daoine fìora. Creidear gur e beachdan aig Sòcraitèas-thein a nochd anns na co-labhraidhean trathail, ach cuideachd gun do thòisich Platòn a bheachdan-thein a mìneachadh anns na co-labhraichean meadhonach. S' furasda faicainn cho cudromach 's bha a chuid obraichean, oir chuidich iad le bhith a' tòiseachadh an ath-bheòthachadh nuair a dh'ath-nochd iad s'an roinn eòrpa bho dh'eader-theangachaidhean s'an Arabais, mu mìle bliadhna as deidh gam sgrìobhadh o thùs.

Beatha Platòn

edit

XXXXXXXXXXX START HERE XXXXXXXXX

Chan eil mòran de dh’fhios ann mu dheidhinn beatha de Sòcraitèas. Bha e beò cho fada air ais s’ nach eil fiosrachadh dha-rìribh againn mu dheidhinn. Tha sgeulachdan cudromach againn o dhuine no dhà a bha beò aig an àm siud. S’e na càraidean aig Sòcraitèas (mar Platòn, agus Xenophon, eachdraiche Greugach) a bh’ann a’ chuid dhiubh, agus s’e daoine a dhèaneadh sgeig air Socrates a bh’ann a’ chuid eile (mar Aristophanes, a sgrìobh cleasan-chluich).

Cho fada as aithne dhuinn, cha do sgrìobh Sòcraitèas-fhèin leabhraichen idir. Sgrìobh an t-oileneach aige, Platòn, mu dheidhinn a bheatha, a smuaintean, agus cuideachd a bhàs. S’e am prìomh-bhun againn air Socrates a th’ann am Platòn.

Thuirt Plato gum b’e Sophroniscos an athair aig Sòcraitèas, agus gum b’e Phainarete an t-ainm a bh’air a mhathair. Bha a mhathair na banaltram neo bean-ghlùine, a chuidich do bhoireannaich ann a’ bhith a’ breith am leanabhan. Dh’fhaoidte gun d’thuirt Sòcraitèas gum b’e eisimpleir a mhathair a thug airsan chuideachadh do dhaoine ann a’ bhith a bheir smuaintean ‘s beachdan ùra.

Bha Sòcraitèas pòsda ri boireannach fada nas òige air an robh Xanthippe mar ainm. Bhathar ag ràdh gur ann tric a dh’fhàsadh i fheargach leis agus gun robh i ainneartach aig uairean. Chan eil fios nan robh am pòsadh aca sona, ach bha triùir chloinne aca co-dhiù.

Their fear de na bunaichean gun robh Sòcraitèas na chlachair. Chan eil fhios cò-dhiu gur fhìor sin gus nach fhìor. Thathar ag ràdh cuideachd gun do shabaidich e mar shaighdear airson Na Àithne ann an trì chogaidh, ‘s gun robh e gaisgeil anns a’ bhlàr.

Chuir Sòcraitèas an fhearg air móran, ‘s docha le bhith ro dh’onarach. Chanadh e na bha e a’ smaoineachadh, agus s’ann tric a chanadh e rudan air nach roch daoine airson cluinntinn. Sheall e nach robh fhios aig feadhainn de dhaoine a bha gu math cumhachdach. Chuireadh iad ‘creithleag’ air, airson a còmharrachadh gur e duine draghail a bh’ann nam beachdan-sa.

Tha sgeulachd ann gun do dh’fhaighnich càraid aig Sòcraitèas dhen ‘oracail’ (càileach naomh do na Greugaich o shean, dham b’urrainn a bhith a bruidhinn ri na diathan, a reir creideimh) an robh duine sam bith ann a bha na bu ghlice na Sòcraitèas anns An Àithne. Thuirt an t-oracail nach robh duine ann na bu ghlice. Bha an t-oracail ainmeil airson a’ bhith ag ràdh rudan nach robh cho soilleir. Thuirt Sòcraitèas an còmhnaidh nach robh fios sam bith aige air sion, agus cha do chreid e an t-oracail. Chaidh e do na daoine as glice anns An Àithne airson ceistean a chur orra. Aig a’ cheann-thall, dh’ionnsaich Socrates gun robh esan dha-rìribh na bu ghlice, chionn ‘s gun do chreid na daoine eile gun robh fhios aca, ged nach robh. Mar sin, b’e Sòcraitèas an aona duine a bha fiosrachail air a chuid aineolas-fhèin, agus mar sin, am fear a bu ghlice.

Mar bhodach, s’ann tric a bhiodh Sòcraitèas a’ bruidhinn le fìreannaich òga agus ballaich agus a’ feuchainn rim teagasg. Theagasg e do na daoine òga a’ bhith a’ cur ceistean air ùghdarrasan agus a’ bhith a’ smaoineachadh dhaibh-fhèin. Mu dheireadh, chuir na nàimhdean cumhachdach aig Sòcraitèas casaid air airson ‘coirbteachd de na h-òigridh’. Thug iad binn bàis air, le bhith ag òl puinnsean.

 
Bàs Sòcraitèas le Jacques-Louis David (1787)

Smuaintean Sòcraitèas

edit

Cha robh úidh aig Sòcraitèas ach ann a' bheuseolas. Bha Sòcraitèas ag ràdh nach e ach eolas a th’anns na subhailcean, eolas air ge dè bu choir dhuinn a dhèanamh. Bha e ag ràdh cuideachd gu bheil na daoine gu bunaiteach math, s’ nach e ach aineolas as coireach gum bi daoine a’ dèanamh olc. Chuir Sòcraitèas cuideam air fèin-theagamh agus fèin-sgrùdadh. S’ann tric a thèid na faclan “Chan fhiach a’ bheatha mì-sgrùdaichte a mhaireann” a cur às leth Sòcraitèas. en:Socrates